Joe Biden
Is e Joe Biden ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte às dèidh dha an taghadh 2020 a bhuannachadh mar an tagraiche Deamocratach[1] agus Kamala Harris na tagraiche airson iar-cheann-suidhe. Air 20mh am Faoilleach, 2021, Latha a' Choisrigidh, chaidh e na 46mh cheann-suidhe na dùthcha.[2]
Rugadh Biden ann an Scranton, Pennsylvania 20mh an t-Samhainn, 1942, agus chaidh a thaghadh don t-Seanadh ann an 1972 airson Delaware. Bha e na iar-cheann-suidhe anns an riaghaltas Bharack Obama bho 2009 gu 2017.
A thaobh poileasaidhean, troimh na bliadhnachan, tha ùidh air a bhith aige ann an dìon na h-àrainneachd, dìon luchd-caitheimh, cunntachalachd riaghaltais, agus eadar-nàiseantachd.
Fad nam bliadhnachan a bha e san t-Seanadh, ghabhadh e an trèana eadar Washington, D.C. agus an dachaidh aige ann an Delaware, gus am b' urrainn dha bhith leis an teaghlach aige - turas 90 mionaidean gach rathad. Ach bha cùisean muladach anns a' bheatha aige - chaidh a bhean agus nighean a mharbhadh ann an tubaist càr ann an 1972, agus shiubhail a mhac le aillse na h-eanchainn ann an 2015. Dh'ath-phòs e ann an 1977 Jill Jacobs, a bha na tidsear.
'S e Caitligeach a th' ann am Biden, agus esan an dara ceann-suidhe Caitligeach às dèidh Kennedy. 'S ann à Èirinn a bha na sinnsearan aige.[3]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 9mh dhen t-Samhain 2020. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2020.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Fhaoilleach 2021. Air a thogail 21mh dhen Fhaoilleach 2021.
- ↑ McSweeney, Eoin: “A small Irish town claims victory after Biden wins”, CNN. 7mh dhen t-Samhain 2020. Air a thogail 9mh dhen t-Samhain 2020.
George Washington · John Adams · Thomas Jefferson · James Madison · James Monroe · John Quincy Adams · Andrew Jackson · Martin Van Buren · William Henry Harrison · John Tyler · James K. Polk · Zachary Taylor · Millard Fillmore · Franklin Pierce · James Buchanan · Abraham Lincoln · Andrew Johnson · Ulysses S. Grant · Rutherford B. Hayes · James A. Garfield · Chester A. Arthur · Grover Cleveland · Benjamin Harrison · Grover Cleveland · William McKinley · Theodore Roosevelt · William Howard Taft · Woodrow Wilson · Warren G. Harding · Calvin Coolidge · Herbert Hoover · Franklin D. Roosevelt · Harry S. Truman · Dwight D. Eisenhower · John F. Kennedy · Lyndon B. Johnson · Richard Nixon · Gerald Ford · Jimmy Carter · Ronald Reagan · George H. W. Bush · Bill Clinton · George W. Bush · Barack Obama · Donald Trump · Joe Biden |