Jump to content

An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Am Baisteir"

O Uicipeid
Content deleted Content added
Splitting article, leth-bhreac bhon dhuilleig: An Cuiltheann le eachdraidh na duilleige ( [ http://gd.wikipedia.org/w/index.php?title=An_Cuiltheann&action=history ])
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 18:31, 24 dhen Lùnastal 2009

Tha sgùrr àraidh ri taobh Sgùrr nan Gillean leis ain ainm Am Baisteir. Cha robh ciall an ainm an còmhnaidh soilleir agus tha dà mhìneachadh ann co-dhiù. Dh’eadar-theangaichear Am Baisteir gu tric mar “executioner” (bhon fhacal “bàsadair”) ach feumar ràdh gur e “crochadair” [1] a th’ ann an “executioner”. Tha Dwelly a’ moladh “baptiser” airson Baisteir agus sin am mìneachadh as cumanta airson an ainm sin an-diugh. Ma chìthear cruth an sgùrra tha an dà mhìneachadh coltach. Tha creag mhòr gu h-ìosal den mhullach a tha biorach agus air a bheil cruth iongantach. ’S urrainnear sin fhaicinn mar làmhag a’ chrochadair no mar ceann sagairt [1] a’ cromadh chun leanaibh airson a bhaisteadh.

Eachdraidh na duilleige

  1. 1.0 1.1 Mearachd leis an tùs: Invalid <ref> tag; no text was provided for refs named Drummond